Mas e sgeul-rùin gu math dìomhair fhathast a th' ann am fear de roghainnean as fheàrr a thaobh foghlaim ann an Dùn Èideann, chan fhada a mhaireas sin.
Tha uimhir de phàrantan a tha sìor mheudachadh
a' faighinn a-mach na buannachdan ana-mhòra a bheir foghlam tro
mheadhan a' Ghàidhlig thuca. Am measg na buannachdan seo, tha
builean coileanaidh cosmhail ri feadhainn aig sàr-bhuidheann sam
bith na dùthcha.
Agus, chan e sin an t-iomlan. Tro dhà-chànanachas, agus tro raon aibhseach de cothroman cultarach, thèid clann a dh'ionnsachas tro mheadhan a' Ghàidhlig air adhart air iteig, gu sònraichte a thaobh dearbh-aithne chultarach agus a thaobh fèin-mhisneachd. Bho aois òg, gheibh mòran sgilean airidh air farmad air àrd-ùrlar, anns na h-ealain agus roinnean eile.
An rud as fheàrr, se gur ann an asgaidh agus gur ann ri fhaotainn dha a h-uile duine a tha foghlam tho mheadhan a' Gàidhlig. Tha e ruigsinneach feadh a' phrìomh bhaile air sgàth busaichean a bheir a' chlann gu sgoil agus à sgoil. (Tha an taic a bheir Comhairlaichean mu thimcheall beagan eadar-dhealaichte.)
Se na sgoiltean: Bunsgoil Crois na Cìse (Tollcross Primary), aig a bheil foghlam tro mheadhan a' Bheurla a bharrachd air foghlam tro mheadhan a' Gàidhlig (o chionn 1988); agus Àrdsgoil Sheumais Gilleasbaig, far an dèid cuspairean ionnsachadh tro Ghàidhlig.